< Marcus 16 +
1 'S nuair a chaidh an t-sabaid seachad, cheannaich Mairi Magdalen, is Mairi mathair Sheumais, agus Salome, spiosradh, los gum falbhadh iad gus Iosa ungadh.
2 Agus ro-mhoch sa mhaduinn air a chiad latha den t-seachduin, thainig iad thun na h-uaighe an deigh eirigh na greine.
3 'S bha iad ag radh ri cheile: Co charaicheas a chlach dhuinn bho bhial na h-uaighe?
4 'Sa toirt sula, chunnaic iad a chlach air a carachadh air falbh. Oir b' anabarrach mor i.
5 'Sa dol a stigh dhan uaigh, chunnaic iad fear og na shuidhe air an taobh dheas, an eideadh geal, agus bha sgath orra.
6 Is thuirt e riutha: Na biodh eagal oirbh: tha sibh a sireadh Iosa bho Nasareth a chaidh a cheusadh: dh' eirich e, chan eil e an so, seallaibh an t-aite far na chuir iad e.
7 Ach falbhaibh, is innsibh dha dheisciopuil, agus do Pheadar, gu bheil e dol roimhibh do Ghalile: chi sibh an sin e, mar thuirt e ribh.
8 'Sa gabhail a mach, theich iadsan bhon uaigh: oir ghlac eagal is uamhas iad; 's cha tuirt iad ni ri duine sam bith: oir bha sgath orra.
9 (note: The most reliable and earliest manuscripts do not include Mark 16:9-20.) Ach esan ag eirigh moch sa mhaduinn air a chiad latha den t-seachduin, chunnacas an toiseach e le Mairi Magdalen, as na chuir e seachd deomhain.
10 Dh' fhalbh ise, agus dh' innis i dhaibhsan a bha air a bhith comhla ris, 's iad a gal sa caoidh.
11 Is iadsan a cluinntinn gun robh e beo, 's gum facas e leatha, cha do chreid iad.
12 'S an deigh sin dh' fhiach e e fhein an riochd eile do dhithis dhiu, a bha coiseachd a mach don duthaich.
13 Agus dh' fhalbh iadsan, is dh' innis iad do chach: 'S cha mhua chreid iadsan iad.
14 Mu dheireadh chunnacas e leis na h-aon-diag, nuair a bha iad aig bord; agus chronaich e iad air son am mi-chreidimh agus cruas an cridhe: a thaobh nach do chreid iad an fheadhainn a chunnaic e an deigh aiseirigh.
15 Is thuirt e riutha: Falbhaibh feadh an t-saoghail gu leir, agus searmonaichibh an soisgeul dhan h-uile creutair.
16 Esan a chreideas 'sa bhaistear, sabhailear e: ach esan nach creid, theid a dhiteadh.
17 Agus leanaidh na comharran so iadsan a chreideas: Nam ainmse tilgidh iad a mach deomhain: labhraidh iad le teangannan ura;
18 Is togaidh iad nathraichean; agus ma dh' olas iad ni marbhtach sam bith, cha dean e cron orra; cuiridh iad an lamhan air daoine tinn, agus bithidh iad gu math.
19 Agus an deigh don Tighearna Iosa labhairt riutha, thogadh suas e gu neamh, agus tha e 'na shuidhe air laimh dheis Dhe.
20 Agus chaidh iadsan a mach, agus shearmonaich iad anns gach aite, an Tighearna a co-oibreachadh leo, 'sa daingneachadh an fhacail leis na comharran a lean. Amen.
This text contains many typographical errors and is here for reference and to forward corrections to
Crosswire.org.